English
Croitearachd: A' brosnachadh còmhnaidh, cleachdadh is stiùireadh co-roinnte fearainn.

Measadairean

 

Is e neach a th' ann am Measadair a tha air fhastadh le Coimisean na Croitearachd agus aig a bheil eòlas air croitearachd, a tha a' còmhnaidh ann an sgìre croitearachd agus a' cuideachadh a' Choimisein le cùisean co-cheangailte ri croitearachd san sgìre sin. Tha am Measadair cuideachd mar neach-ceangail do chroitearan san sgìre aca fhèin airson comhairle agus stiùireadh a thoirt dhaibh mu chùisean croitearachd.

 

Chaidh pannal ùr Mheasadairean fhastadh air 1 Samhain 2012. Bidh an ùine oifigeil còig-bliadhna aca san dreuchd a' leantainn air adhart a' solarachadh don Choimisean, ceangal luachmhor leis na coimhearsnachdan croitearachd.  Tha an lìonra a' còmhdach farsaingeachd mhòr a' riochdachadh mu 100 paraiste.

 

Faigh a-mach tuilleadh mu na Measadairean le beagan in-shealladh air am beatha agus an sgìre nar n-iris chunbhalach 'Spotlight On'.

 

Gliogaibh an seo airson liosta de Mheasdairean agus an sgìrean fhaicinn. Gheibhear mapa de sgìrean nam Measadairean agus na paraistean a tha iad a' còmhdach, le bhith a' gliogadh air na ceanglaichean gu h-ìosal:

Sealtainn
Arcaibh is Gallaibh
Tìr-mòr an Iar
A' Ghàidhealtachd is Moireibh
An t-Eilean Sgitheanach is Earra-Ghàidheal
Na h-Eileanan Siar

 

Gheibhear fiosrachadh mu dhleastanas is Còd Giùlain nam Measadairean an seo


Faodar an lethbhreac as ùire de Litir-naidheachd nam Measadairean fhaotainn an seo

 

Chaidh an dàrna Co-labhairt Mheasadairean a chumail air 19 agus 20 Samhain 2014, agus thug e seachad fìor chothrom do lìonra iomlan nam Measadairean a thighinn còmhla le Coimiseanairean, luchd-obrach a' Choimisein agus bho oifisean sgìreil SGRPID, gus fiosrachadh a choimeasadh agus deasbad air cùisean croitearachd buntainneach an latha. Luchdaich sìos Aithisg Co-labhairt nam Measadairean airson tuilleadh fhaighinn a-mach.  

 

 

What is Crofting?
Find out more about this unique crofting system
Common Grazings
Find out more about Common Grazings and Common Grazings Committees
Regulatory Applications
Find out about the latest regulatory applications and decisions
LinkedIn Icon Facebook Icon Twitter Icon
Great Glen House, Leachkin Road, Inverness IV3 8NW ~ T: 01463 663439 ~ F: 01463 725067 ~ E: info@crofting.scotland.gov.uk | Sitemap | Privacy