English
Croitearachd: A' brosnachadh còmhnaidh, cleachdadh is stiùireadh co-roinnte fearainn.

Còd Giùlain

Thug Achd nan Ìrean Eiticeil sa Bheatha Phoblaich (Alba) 2000 a-steach     frèam-obrach eiticeil ùr airson beatha phoblach ann an Alba. Mar aon de na reachdan as tràithe a chaidh aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba, tha an Achd a’ daingneachadh dealas làidir Riaghaltas na h-Alba agus na Pàrlamaid fhèin ann a bhith a’ brosnachadh inbhean àrda sa bheatha phoblaich.

Chaidh an Còd Giùlain do Chomhairlichean agus na Còdan Giùlain fa leth airson Buidhnean Poblach Tiomnaichte àraid, a' gabhail a-steach Coimisean na Croitearachd, aontachadh agus thàinig iad gu buil air 1 Cèitean 2003 agus an ath-sgrùdadh san Dùbhlachd 2013.

Tha Coimisean Inbhean na h-Alba an urra ri bhith a’ cur nan Còdan an gnìomh. Tha dleastanas air cuideachd a bhith a’ cur a-mach stiùireadh mar chuideachadh do Chomhairlichean is Buill.

Tha brosnachadh inbhean àrda sa bheatha phoblaich deatamach gus misneachadh poblach a dhaingneachadh 's a neartachadh ann an gnìomhan is dleastanasan nam Buidhnean Poblach. Tha an Coimisean airson obrachadh ann an com-pàirteachas le feadhainn a tha a’ frithealadh daoine is coimhearsnachdan na h-Alba gus a dhèanamh cinnteach gun urrainnear le chèile, na h-inbhean giùlain as àirde sa bheatha phoblaich a thèarainn.

Gliogaibh an seo gus an Stiùireadh Còd Giùlain againn a luchdachadh sìos.


COIMISEAN INBHEAN NA H-ALBA

Seòladh: Seòmar T2.21, Pàrlamaid na h-Alba, Dùn Èideann, EH99 1SP.
Fòn: 0131 348 6666     Facs: 0131 557 9243

Post-d: enquiries@standardscommission.org.uk

OIFIGEAR INBHEAN COIMISEAN NA CROITEARACHD

Ainm: Gòrdan Dòmhnallach
Fòn: 01463 663437

 

What is Crofting?
Find out more about this unique crofting system
Common Grazings
Find out more about Common Grazings and Common Grazings Committees
Regulatory Applications
Find out about the latest regulatory applications and decisions
LinkedIn Icon Facebook Icon Twitter Icon
Great Glen House, Leachkin Road, Inverness IV3 8NW ~ T: 01463 663439 ~ F: 01463 725067 ~ E: info@crofting.scotland.gov.uk | Sitemap | Privacy