English
Croitearachd: A' brosnachadh còmhnaidh, cleachdadh is stiùireadh co-roinnte fearainn.

Coimiseanairean

Tha 9 Coimiseanairean a' suidhe mar Bhòrd airson poileasaidhean a stèidheachadh agus co-dhùnadh  air iarrtasan toinnte. Bidh Coimiseanairean cuideachd a' com-pàirteachadh air àireamh de bhuidhnean obrach poileasaidh an taobh a-staigh le àrd-sgioba obrach a' Choimisein.  Bidh na buidhnean sin a' leasachadh smaointean air poileasaidh agus freagairtean gu buidhnean com-pàirteachais a thaobh cho-chomhairlean aig am bi buaidh air croitearachd san àm ri teachd.  

Chaidh trì Coimiseanairean fhastadh le Ministearan na h-Alba agus chaidh sia Coimiseanairean a thaghadh le croitearan. Tha iad uile a' faotainn taic bho Àrd-Oifigear agus Àrd-Sgioba Stiùiridh a' Choimisein. Tha naoi Coimiseanairean ag obair pàirt-ùine, mu 4 latha gach mìos le tuarastal de £7,440.

Gheibhear mion-fhiosrachadh mu na taghaidhean an seo agus mapa de na Roinnean-taghaidh an seo.

 

Tuairisgeul Dreuchd do Neach-gairm, Iar Neach-gairm agus Buill Coimisean na Croitearachd 

 

Tha coinneamhan Bùird a' Choimisein gu h-àbhaisteach air an cumail gu poblach. Tha seo a' ceadachadh do Choimiseanairean coinneachadh ri croitearan agus feadhainn eile a tha airson a bhith an làthair, a thuilleadh air a bhith a' leigeil leotha ar modhan co-dhùnaidh fhaicinn ann an da-rìribh.

 

Faighibh a-mach tuilleadh mu na Coimiseanairean agus an Clàr Ùidhean.

Arnie Pirie

 

Colin Kennedy

 

David Campbell

 

Ian George MacDonald

 

Kathleen Sinclair

 

Marina Dennis

 

Murdo MacLennan Susan Walker William Swann
   
     
     

 

What is Crofting?
Find out more about this unique crofting system
Common Grazings
Find out more about Common Grazings and Common Grazings Committees
Regulatory Applications
Find out about the latest regulatory applications and decisions
LinkedIn Icon Facebook Icon Twitter Icon
Great Glen House, Leachkin Road, Inverness IV3 8NW ~ T: 01463 663439 ~ F: 01463 725067 ~ E: info@crofting.scotland.gov.uk | Sitemap | Privacy