English
Croitearachd: A' brosnachadh còmhnaidh, cleachdadh is stiùireadh co-roinnte fearainn.

MAR A DH'IARRAR FIOSRACHADH BHUAINN

Tha Coimisean na Croitearachd fìor dhealasach a thaobh gèilleadh do reachdas a bheir dhuibh còir air fiosrachadh iarraidh agus gum bi am fiosrachadh sin air a sholarachadh dhuibh, mura h-eil adhbharan matha ann nach fhaodar sin a dhèanamh.

Reachdas - faodar fiosrachadh iarraidh fo:

  • Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002 - a' toirt dhuibh còir air fiosrachadh iarraidh agus am fiosrachadh sin a thoirt dhuibh, mura h-eil adhbharan matha ann air a chaochladh.
  • Achd Fiosrachadh Àrainneachdail (Alba) 2004 - a' toirt dhuibh còir air fiosrachadh iarraidh mun àrainneachd agus am fiosrachadh sin a thoirt dhuibh. mura h-eil adhbharan matha ann air a chaochladh. 
  • Achd Dìon Dàta 1998 - a' toirt dhuibh còir air aithne a bhith agaibh mun fhiosrachadh a tha glèidhte mur deidhinn, agus a' stèidheachadh riaghailtean gus a dhèanamh cinnteach gum bi am fiosrachadh air a làimhseachadh ceart.   

 

Mus cuir sibh a-steach iarrtas

Tha mòran fiosrachaidh ri fhaotainn mar-thà air an làraich-lin agus san aithisg bhliadhnail againn. Tha sinn cuideachd a’ gabhail a-steach àireamh mhòr de fhoillseachaidhean, fiosrachadh air co-chomhairlean, pàipearan Bùird is eile air an làraich-lìn againn. Dh'fhaodadh nach fheum sibh fiosrachadh iarraidh idir seach gum faodadh e a bhith ri fhaotainn air an làraich-lìn againn mar-thà – tha sinn a’ moladh dhuibh coimhead air an làraich-lìn againn an toiseach.  Gliogaibh an seo gus coimhead air iarrtasan Saorsa Fiosrachaidh.

Gliogaibh an seo gus an Sgeama Foillseachaidh againn a luchdachadh sìos.


 

Mar a dh’iarras sibh fiosrachadh

  • Bu chòir iarrtasan Saorsa Fiosrachaidh an cur a-steach ann an sgrìobhadh (a’ gabhail a-steach post-d) agus an cur gu: Coimisean na Croitearachd, Taigh a' Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis IV3 8NW no air post-d gu: info@crofting.scotland.gov.uk agus cuiribh Saorsa Fiosrachaidh san tiotal. Dèanaibh cinnteach gun cuir sibh ur n-ainm, seòladh puist no seòladh puist-d ann airson freagairtean, agus mas urrainnear àireamh fòn.
  • Faodar iarrtasan Fiosrachadh Àrainneachdail a bhith sgrìobhte no labhairte.
  • Bu chòir do dh'iarrtasan Dìon Dàta a bhith sgrìobhte le fianais sgrìobhainnean mur deidhinn m.e. lethbhreac den chead dràibhidh, teastanas breith no cead-siubhail.

Nuair a thathar a' dèanamh iarrtas, bu chòir a bhith cho mionaideach 's a ghabhas mun fhiosrachadh a tha sibh a' lorg m.e. cinn-latha sònraichte no àm, iomradh sam bith as urrainn dhuibh gus ar cuideachadh a' comharrachadh an fhiosrachaidh, leithid ainmean chroitean, bailtean, ionaltraidhean.

Ged nach eil agaibh ri mìneachadh carson a tha sibh ag iarraidh an fhiosrachaidh, ma tha sibh toilichte gu leòr a dhèanamh, dh'fhaodadh gun cuidicheadh e sinn le ur ceist a fhreagairt ann an dòigh nas èifeachdaiche.

 

Am bi cosgais na lùib?

Saorsa Fiosrachaidh agus Fiosrachadh Àrainneachdail - chan àbhaist dhuinn cosgais iarraidh airson a bhith a’ cur a-steach iarrtasan no a’ toirt seachad fiosrachadh ach ’s dòcha gun iarr sinn cosgais ma tha an t-iarrtas a’ cur cuideam mì-reusanta no cudromach air goireasan ionmhasail is daonna na buidhne againn. Thèid innse dhuibh mu chosgais sam bith mus toir sinn seachad am fiosrachadh.

Dìon Dàta - feumar cìs de £10 a phàigheadh mus tòisich sinn a' coimhead airson an fhiosrachaidh agaibh. (Pàighte le seic gu Coimisean na Croitearachd)


Raointean-ama

Saorsa Fiosrachaidh - freagraidh sinn an t-iarrtas agaibh an taobh a-staigh 20 latha obrach. Ach ma tha iarrtas iom-fhillte no ma tha tòrr fiosrachaidh na lùib, dh’fhaodadh nach bi e an-còmhnaidh comasach dhuinn cumail ris a' cheann-ama seo. Far nach urrainn dhuinn an t-iarrtas agaibh a fhreagairt taobh a-staigh a' chinn-ama, cuiridh sinn fios thugaibh a’ mìneachadh carson agus a’ comhairleachadh gu bheil sinn ag obair a dh'ionnsaigh freagairt a thoirt dhuibh.

Fiosrachadh Àrainneachdail - tha na raointean-ama seo mar a tha do iarrtas Saorsa Fiosrachaidh ach bidh seo air a leudachadh suas gu 40 latha obrach ma bhios an t-iarrtas iom-fhillte no gu bheil mòran fiosrachaidh na lùib.

Dìon Dàta - freagraidh sinn an taobh a-staigh 40 latha bho gheibhear an t-iarrtas.

 

Ur còir air ath-bhreithneachadh is ath-thagradh

Ma tha sinn air an iarrtas agaibh a làimhseachadh fon Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002 no Fiosrachadh Àrainneachdail (Alba) 2004  agus gu bheil sibh mì-thoilichte leis an fhreagairt againn, innsibh dhuinn an taobh a-staigh 40 latha obrach, agus thèid coimhead air a-rithist. Feuchaidh sinn ris an fhreagairt ath-bhreithnichte againn a thoirt dhuibh an taobh a-staigh 20 latha obrach.

Ma tha sibh fhathast mì-thoilichte leis an fhreagairt againn, tha a' chòir agaibh an uair sin ath-thagradh a chur a-steach gu Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba. Bu chòir dhuibh lethbhric a chumail de na litrichean uile a tha sibh air a chur no air fhaotainn bhuainn, seach gun tèid iarraidh oirbh iad seo a thoirt seachad, ma roghnaicheas sibh ath-thagradh a dhèanamh gu Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba.

Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba
Caisteal Kinburn 
Rathad Doubledykes

Cill Rìmhinn, Fìobha KY16 9DS
Fòn: 01334 464610
www.itspublicknowledge.info

 

Ma tha sinn air an iarrtas agaibh a làimhseachadh fon Achd Dìon Dàta 1998, no ma tha gearan agaibh mun dòigh san do làimhsich sinn am fiosrachadh pearsanta agaibh, faodaidh sibh fios a chur gu Coimiseanair Fiosrachaidh na Rìoghachd Aonaichte.

Oifis a' Choimiseanair Fiosrachaidh, Taigh Wycliffe, Lèanag an Uisge, Wilmslow, Cheshire, SK9 5AF

Fòn: 08456 306060

www.ico.org.uk

 

 

What is Crofting?
Find out more about this unique crofting system
Common Grazings
Find out more about Common Grazings and Common Grazings Committees
Regulatory Applications
Find out about the latest regulatory applications and decisions
LinkedIn Icon Facebook Icon Twitter Icon
Great Glen House, Leachkin Road, Inverness IV3 8NW ~ T: 01463 663439 ~ F: 01463 725067 ~ E: info@crofting.scotland.gov.uk | Sitemap | Privacy