English
Croitearachd: A' brosnachadh còmhnaidh, cleachdadh is stiùireadh co-roinnte fearainn.

Mu dheidhinn croitearachd

Is e siostam de ghabhaltas fearainn a tha àraid do dh'Alba a th' ann an croitearachd.

Tha mòran daoine den bheachd gur e taigh a th' ann an croit, ach ‘s e th' ann ach gabhaltas fearainn croite an ìre mhath beag, a tha sa bhitheantas air a chumail mar ghabhaltas agus dh’fhaodadh gu bheil no nach eil togalaichean no taigh ceangailte ris. Tha croitean a’ gabhail a-steach raon de mheudan bho nas lugha na 1/2 heactair (ha) gu còrr is 50ha ach tha croit chuibheasach nas fhaisge air 5ha.
 
Tha 18,129 croitean ann is mu 10,000-12,000 teaghlach croitearachd a’ fuireach orra, le sluagh iomlan de mu 33,000.  'S e an croitear neach-gabhail na croite. Mar as trice, bidh an croitear a’ cumail na croite air na “cumhachan reachdail”, a tha    a’ buntainn ris gach gabhaltas croite, agus cha bhi cùmhnant-màil sgrìobhte aige. Tha cuid de dh’fhearann croite a-nis ann an sealbh seach gu bheil an fheadhainn a b’ àbhaist a bhith nan luchd-gabhail, air am fearann a cheannach. Chan eil smachd sam bith a thaobh atharrachaidhean ann an sealbh fearann croite ged a tha riatanas reachdail ann fios a thoirt don Choimisean, ach bidh an Coimisean a’ riaghladh gach atharrachadh ann an gabhaltas.
 
Thathar a’ cleachdadh a’ bhriathair ‘sònrachadh’ ann an croitearachd gus mìneachadh a dhèanamh air gluasad maireannach gabhaltais bho aon neach gu neach eile. Ann am bliadhna àbhaisteach tha 200 gu 300 gabhaltas croite air an sònrachadh. Ann an còrr is leth dhiubh sin, tha an croitear làithreach a’ toirt seachad na croite do bhall den teaghlach aige fhèin agus tha a’ mhòr-chuid de na gabhaltasan eile air an toirt seachad do dhaoine a dh’aithnicheas an croitear    mar-thà. Tha fios againn gu bheil iarrtas mòr ann airson croitean, agus mar sin tha sinn a’ tuigsinn gum faod dìth fearainn daoine a dhì-mhisneachadh.
 
Ach, tha e fìor gu bheil grunn chroitean a’ tighinn air a’ mhargaid fhosgailte gach bliadhna. Faodaidh neach sam bith le ùidh coimhead ann am pàipearan-naidheachd ionadail airson gabhaltasan no fios a chur gu luchd-lagha is àidseantan oighreachd gus an ùidh a chlàradh sa chùis. Tha cuid air croit a lorg le bhith a' chur sanas 'iarraidh' sa phàipear-naidheachd bhuntainneach ionadail.
 
Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba (SCF) a' cur ri chèile liosta den fheadhainn aig a bheil ùidh ann an croit fhaotainn agus solaraichidh iad fiosrachadh a thaobh croit a lorg agus na croitean a tha rim faotainn. Nam bu mhath leibh a bhith san iomairt seo, cuiribh fios gu Karen@crofting.org no Fòn: 01599 530005. 
Chan eil an seo ach toiseach a' phròiseis. Tha faotainn gabhaltas croite co-dhiù cho doirbh ri bhith a' ceannach taigh sònraichte air a' mhargaidh reic. Tha riatanasan laghail àraid ann cuideachd. Chan eil sealbh aig a' Choimisean air croitean, agus chan urrainn dhaibh neach sam bith a tha a' sireadh croite a riochdachadh.
 
What is Crofting?
Find out more about this unique crofting system
Common Grazings
Find out more about Common Grazings and Common Grazings Committees
Regulatory Applications
Find out about the latest regulatory applications and decisions
LinkedIn Icon Facebook Icon Twitter Icon
Great Glen House, Leachkin Road, Inverness IV3 8NW ~ T: 01463 663439 ~ F: 01463 725067 ~ E: info@crofting.scotland.gov.uk | Sitemap | Privacy