English
Croitearachd: A' brosnachadh còmhnaidh, cleachdadh is stiùireadh co-roinnte fearainn.

Sònrachadh

San Lùnastal an-uiridh, chuir Dòmhnall A Caimbeul tagradh a-steach airson a' chroit aige aig 467 Loch Baghasdail a Deas a shònrachadh do a mhac, Dòmhnall. Tha Dòmhnall Òg air a bhith an sàs anns gach taobh de chroitearachd on a bha e aois glè òg, a' cuideachadh le gnìomhachdan a' bhaile, trusadh, dubadh, lomadh agus a' cuideachadh athair air a' chroit. Gu làithreach, tha Dòmhnall ag obair mar mheacanaig.  

Thuirt Dòmhnall as sine, "Tha tuilleadh 's a chòir de dhaoine òga a' fàgail nan eilean, agus ma chuidicheas toirt a' chroit do Dhòmhnall le stad a chur air a' chrìonadh, bidh mise a' faireachdainn an uair sin gu bheil mi air rudeigin a dhèanamh airson an àireamh-sluaigh a chumail suas."

Thuirt Dòmhnall Òg "Tha mi air a bhith an sàs ann an croitearachd fad mo bheatha agus tha e math mo chroit fhìn a bhith agam. Faodaidh mi a-nis tòiseachadh air feansadh agus barrachd stoc fhaighinn, a thuilleadh air a bhith a' fàs biadh geamhraidh. Tha mi cinnteach gum bi Dad a' cumail sùil orm ach bidh an t-eòlas a th' aigesan air an fhearann thar luach dhomh."  

  

What is Crofting?
Find out more about this unique crofting system
Common Grazings
Find out more about Common Grazings and Common Grazings Committees
Regulatory Applications
Find out about the latest regulatory applications and decisions
LinkedIn Icon Facebook Icon Twitter Icon
Great Glen House, Leachkin Road, Inverness IV3 8NW ~ T: 01463 663439 ~ F: 01463 725067 ~ E: info@crofting.scotland.gov.uk | Sitemap | Privacy