English
Croitearachd: A' brosnachadh còmhnaidh, cleachdadh is stiùireadh co-roinnte fearainn.

PRÒISEACT CLÀRAIDH FEARANN ROINNEAN-RUITHE IS IONALTRADH COITCHEANN

 

Tha an Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 2010 ag iarraidh air Glèidheadair Chlàran na h-Alba (RoS) clàr poblach de chroitean, ionaltradh coitcheann is roinnean-ruithe a stèidheachadh ’s a chumail suas.

 

Tha Riaghaltas na h-Alba air a’ chiad phàirt maoineachaidh a sholarachadh airson na pròiseict agus is e an t-amas na ghabhas den chòrr is 1000 Ionaltradh Coitcheann a chlàradh. Bidh clàradh fearann cumanta air a’ Chlàr Chroitean a’ nochdadh chrìochan a tha aithnichte gu laghail agus liosta de luchd-earrannan. Solaraichidh seo cinnt do ghinealaichean san àm ri teachd agus taic do chroitearan làithreach nan cleachdadh agus nan gnìomhachdan eugsamhlachaidh air ionaltradh coitcheann.

 

Tha a’ phròiseact seo ga ruith ann an com-pàirteachas le Coimisean na Croitearachd, Clàran na h-Alba agus Riaghaltas na h-Alba.

 

Cò iad sgioba na pròiseict?

Sealbhadair na Pròiseict      Donna Nic a’ Ghobhainn

Sgioba Rianachd                 Amanda Wylie

                                            Emma Naysmith

Sgioba GIS                         Heather Mack (Manaidsear GIS)

                                           Daibhidh Holmes

 

Ciamar a tha Coimisean na Croitearachd ag ullachadh airson clàraidh?

Bidh Coimisean na Croitearachd a’ sgaoileadh phasgain iarrtas clàraidh gu comataidhean ionaltraidh, luchd-earrannan (far nach eil comataidh oifigeil an làthair) agus gu sealbhadair(ean) ionaltraidh coitcheann. Anns a’ phasgan iarrtais bidh mapa de chrìochan nan ionaltraidhean coitcheann, liosta de luchd-earrannan le roinn san ionaltradh,  mion-fhiosrachadh air ath-thòiseachaidhean, roinnidhean agus sgeamaichean coilltearachd croiteir. Tha notaichean stiùiridh a chuidicheas leis a’ phròiseas clàraidh rim faotainn an seo.

 

Ciamar a tha Coimisean na Croitearachd ag ullachadh Fearann Roinn-ruithe airson clàraidh?

Bu chòir do Fhearann Roinn-ruithe a bhith clàraichte air leth. Ach, cha bhi clàran Coimisean na Croitearachd an-còmhnaidh a’ taisbeanadh fearann roinn-ruithe, agus mar sin ma tha uachdarain no clàrcan ionaltraidh mothachail do fhearann roinn-ruithe air an ionaltradh choitcheann aca, tha sinn air iarraidh gun fhiosraich iad an Coimisean mu dheidhinn seo.

 

Ciamar a tha Coimisean na Croitearachd air co-dhùnadh dè na h-ionaltraidhean coitcheann leis am bithear a’ dèiligeadh? 

San Fhaoilleach 2014, sgrìobh sinn gu na clàrcan ionaltraidh uile far an robh comataidh oifigeil an làthair aig an ionaltradh agus dh’fhaighnich sinn an robh iad airson a bhith air an gabhail a-steach don ath chuairt de chonaltraidhean. Tha liosta de chonaltraidhean air ullachadh mu choinneamh an ama ri teachd agus tha e ri fhaotainn an seo còmhla ris a’ chlàr-ama airson a’ phlana-obrach gu 2015 a tha air a mholadh an seo.

 

Dè an dleastanas a tha aig comataidhean ionaltraidh agus sealbhadairean ionaltraidhean coitcheann?

Tha an Coimisean ag iarraidh air clàrcan/luchd-earrannan agus sealbhadair(ean) ionaltraidhean crìoch an ionaltraidh agus mion-fhiosrachadh mun luchd-earannan aontachadh. Is e an suidheachadh conaltraidh seo an aon chothrom a bhios aig comataidhean is sealbhadairean air aithris air crìochan nan ionaltraidhean aca, agus mar sin tha e deatamach gum bi seo dèante an taobh a-staigh nan raointean-ama air an riarachadh leinne. Is ann dìreach ann an suidheachaidhean fìor neo-àbhaisteach a bhios e comasach atharrachaidhean a dhèanamh air crìoch an ionaltraidh an dèidh do na cinn-latha dheireannach a bhith seachad agus na h-ionaltraidhean air an clàradh.

 

Ceistean Bitheanta

Is urrainn dhuibh liosta de Cheistean Bitheanta fhaicinn air Clàradh Ionaltradh Coitcheann an seo.

 

Fiosrachadh taic mun Phròiseact Ionaltraidh:

Airson tuilleadh fiosrachaidh, fònaibh thugainn air 01463 663472 no cuiribh post-d dìreach gu grazings.register@crofting.scotland.gov.uk

 

What is Crofting?
Find out more about this unique crofting system
Common Grazings
Find out more about Common Grazings and Common Grazings Committees
Regulatory Applications
Find out about the latest regulatory applications and decisions
LinkedIn Icon Facebook Icon Twitter Icon
Great Glen House, Leachkin Road, Inverness IV3 8NW ~ T: 01463 663439 ~ F: 01463 725067 ~ E: info@crofting.scotland.gov.uk | Sitemap | Privacy