English
Croitearachd: A' brosnachadh còmhnaidh, cleachdadh is stiùireadh co-roinnte fearainn.

Gearanan: nuair a thèid cùisean ceàrr

Tha Coimisean na Croitearachd dealasach a thaobh seirbheisean àrd-ghnètheil a sholarachadh. Tha sinn a' cur luach air gearanan agus  a' cleachdadh an fhiosrachaidh bhuapa gus ar cuideachadh air ar seirbheisean a leasachadh.

Faodar geàrr-iomradh staitistigeach de ghearanan a fhuair an Coimisean airson na h-ùine eadar an Dàmhair agus an Dùbhlachd 2014, fhaicinn an seo.

Ma thèid nì ceàrr no ma tha sibh mì-riaraichte le ar seirbheisean, feuch gun innis sibh dhuinn. Tha na notaichean stiùiridh seo a' toirt iomradh air ar modhan gearain agus mar a nì sibh gearan. Tha iad cuideachd ag innse dhuibh mu inbhe ar seirbheisean agus na dh'fhaodas sibh dùileachadh bhuainn. Gheibhear lethbhreac de ar foirm ghearanan an seo agus faodar bileag le geàrr-iomradh air ar modhan gearain fhaotainn an seo.

PLEASE NOTE: If the issue you are dissatisfied with is in relation to a common grazing committee please complete form Section 47(8) Inquiry or if it is regarding a breach of common grazing regulations please complete a Breach of Regulations form.


Dè th’ ann an gearan?

Tha sinn a' coimhead air gearan mar fhoillseachadh air a bhith mì-riaraichte mu ar gnìomh no mu ar dìth gnìomh, no mu dheidhinn inbhe na seirbheis a sholaraich sinn no a chaidh a sholarachadh às ar leth.

 

Cò mu dheidhinn a dh'fhaodas gearanan a bhith?

  • dàil ann am freagairt nan ceistean agus nan iarrtasan agaibh
  • fàilligeadh air seirbheis a sholarachadh
  • ar n-inbhe seirbheis
  • fàilligeadh air ar poileasaidh a leantainn
  • làimhseachadh no dòigh dèiligidh le ball den luchd-obrach againn
  • ar fàilligeadh air modhan-obrach ceart a leantainn

Dh'fhaodadh gum bi an gearan agaibh ag iarraidh barrachd na aon seirbheis no a bhith mu dheidhinn neach ag obair às ar leth.

 

Cò mu dheidhinn nach fhaod gearanan a bhith?

  • Iarrtas airson airgead-dìolaidh
  • Ceist no iarrtas àbhaisteach airson a' chiad turas.
  • Gearanan roimhe far a bheil co-dhùnadh dèante.
  • Gnìomh le buidheann eile anns nach eil Coimisean na Croitearachd an sàs.
  • Easaonta far a bheil còir ath-thagraidh ann mar-thà.
  • Iarrtas airson sinn gnìomhan buidhne eile a sgrùdadh. Ann an suidheachaidhean àraid, dh'fhaodadh gum bi sinn comasach air sgrùdadh a choileanadh ach cha dhèiligear leis an seo mar ghearan an aghaidh a' Choimisein.

Chan eil ar modhan gearain a' toirt buaidh air còraichean sam bith fo         mhodhan-obrach ath-thagraidh foirmeil reachdail a thaobh Achd nan Croitearan (Alba) 1993, mar a chaidh a h-atharrachadh. Faodar co-dhùnaidhean mu iarrtasan riaghlaidh ath-thagradh gu Cùirt an Fhearainn ann an Alba an taobh a-staigh 42 làithean den cheann-latha air an litir co-dhùnaidh. Dh'fhaodadh gun daingnich Cùirt an Fhearainn ar co-dhùnadh, no ar stiùireadh a dh'ionnsaigh co-dhùnadh diofraichte, no iarraidh oirnn beachdachadh a-rithist air an iarrtas. 

Bu chòir do ghearanan mu reachdas no poileasaidh Ministrealach a bhith air an togail tron Bhall Pàrlamaid  no BPA agaibh, a thogas a’ chùis às ur leth le Stiùirichean no Ministearan Caibineat na h-Alba.

Ma chuidicheas modhan-obrach no còraichean eile le fuasgladh fhaotainn air na draghan agaibh, feuchaidh sinn ri fiosrachadh agus comhairle a sholarachadh dhuibh gus ur cuideachadh.

 

Cò dh'fhaodas gearan a dhèanamh?

Faodaidh neach sam bith a tha fo bhuaidh obair Coimisean na Croitearachd gearan a dhèanamh. Tha sin a' ciallachadh riochdairean dhaibhsan a tha fo bhuaidh nan gnìomhan againn. Feuch gun leugh sibh an earrann air 'A' faotainn taic le gearan a dhèanamh'.

 

Ciamar a nì mi gearan?

Faodaidh sibh gearan a dhèanamh gu pearsanta, ann an litir, post-d, fòn no facs. Dh'fhaodadh gum bi sibh airson ar Foirm Ghearanan a chleachdadh, a dh'fhaodas sibh a luchdachadh sìos an seo no iarraibh oirnn foirm a chur thugaibh.

Faodaidh sibh cuideachd iarraidh air neach eile gearan a dhèanamh às ur leth no iarraidh air ball den luchd-obrach gearan a sgrìobhadh a-mach dhuibh.

Nuair a bhios sibh a' gearain, bu chòir dhuibh innse dhuinn:

  • Ur làn ainm agus seoladh
  • Nas urrainn dhuibh mu dheidhinn a' ghearain (cinn-latha, luchd-obrach ris na bhruidhinn sibh, is eile).
  • Dè a tha air a dhol ceàrr.
  • Mar a tha sibh ag iarraidh oirnn a' chùis fhuasgladh.

Bu mhath leinn cuideachd innse dhuinn na tha sibh ag iarraidh tachairt mar thoradh air a' ghearan agaibh.

 

Dè an ùine a th' agam airson gearan a dhèanamh?

Feumaidh sibh ur gearan a dhèanamh an taobh a-staigh 12 mìosan an dèidh an tachartais mu bheil sibh a' gearan. Ann an suidheachadh neo-àbhaisteach, dh'fhaodadh gun urrainn dhuinn gabhail ri gearan às dèidh a' chinn-ama. Ma tha sibh a' faireachdainn nach bu chòir ceann-ama a bhith air a' ghearan agaibh, feuch gun innis sibh dhuinn carson.

 

Am faod mi m' ainm a chleith?

Faodar gearanan a dhèanamh gun ainm ach bu chòir dhuibh na 's urrainn dhuibh de fhiosrachadh a thoirt dhuinn gus am bi e comasach dhuinn sgrùdadh a dhèanamh. Feuch gun innis sibh dhuinn aig an toiseach ma tha sibh airson ur n-ainm a chleith agus mar sin cha bhi an t-ainm agaibh a' nochdadh air na faidhlichean.

 

Mar a chuireas sibh fios thugainn

Faodaidh sibh a thighinn a-steach don oifis, ach tha e deatamach gun cuir sibh àm air dòigh mus tadhail sibh gus dèanamh cinnteach gum bi cuideigin saor airson bruidhinn ribh. Tha an oifis againn stèidhichte ann an:

Taigh a' Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhi Nis IV3 8NW.       Faodaidh sibh fònadh thugainn air 01463 663450.                                         Faodaidh sibh facs a chur don oifis air 01463 725067.                               No faodaidh sibh post-d a chur thugainn aig info@crofting.scotland.gov.uk


Dè a thachras an uair sin?

Innsidh sinn dhuibh an-còmhnaidh cò tha a' dèiligeadh leis a' ghearan agaibh. Tha dà ìre sa mhodh ghearanan againn.

 

Ìre a h-Aon - A' chiad fhuasgladh

Tha sinn ag amas air trioblaidean a cheartachadh cho luath 's a gheibh sinn a-mach man deidhinn. Dh'fhaodadh gum biodh seo a' ciallachadh ar leisgeul a ghabhail aig an àm agus mìneachadh no gnìomh airson na cùise fhuasgladh gu luath. 

Bheir sinn dhuibh ar co-dhùnadh air Ìre 1 ann an còig làithean obrach no nas lugha, mura h-eil suidheachadh neo-àbhaisteach ann.

Mura h-urrainn dhuinn ur gearan fhuasgladh aig an ìre seo, mìnichidh sinn carson agus innsear dhuibh dè a nì sibh. Dh'fhaodadh gum mol sinn dhuibh ur gearan a thoirt air adhart gu Ìre 2. Faodaidh sibh roghnachadh seo a dhèanamh sa bhad no uaireigin an dèidh dhuibh a' chiad cho-dhùnadh againn fhaighinn.

 

Ìre a Dhà - Sgrùdadh

Tha Ìre 2 a' dèiligeadh le dà sheòrsa gearan: an fheadhainn nach d' fhuair fuasgladh aig Ìre 1 agus an fheadhainn a tha toinnte le feum air barrachd sgrùdaidh.

  • Gabhaidh sinn ris a' ghearan agaibh an taobh a-staigh trì làithean obrach. 
  • Far a bheil e iomchaidh, bruidhnidh sinn ribh mun ghearan agaibh gus tuigsinn carson a tha sibh fhathast mì-riaraichte agus a' bhuil a tha sibh a' sireadh. 
  • Cuirear a-mach làn fhreagairt cho luath 's a ghabhas, gun a bhith nas fhaide na 20 latha obrach.

Ma tha ùine nas fhaide a dhìth gus an gearan a sgrùdadh gu mionaideach, cumaidh sinn fiosrachadh ribh a thaobh adhbhar airson dàil agus cuin a gheibh sibh làn fhreagairt.

 

Dè mura h-eil mi riaraichte leis a' bhuil?

Ma bhios sibh fhathast mì-riaraichte às dèidh an sgrùdaidh againn, tha a' chòir agaibh ath-sgrùdadh neo-eisimeileach a shireadh bho Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba (SPSO). Bidh gearanan sam bith a chuirear air adhart chun an Ombudsman air an sgrùdadh gu mionaideach le Coimisean na Croitearachd an toiseach.

Measaidh an Ombudsman a bheil fianais ann air fàilligeadh seirbheis no droch rianachd nach deach a chomharrachadh le Coimisean na Croitearachd. Is iadsan an ìre dheireannach airson gearanan mun mhòr-chuid de bhuidhnean a tha a' solarachadh sheirbheisean poblach ann an Alba, a' gabhail a-steach Coimisean na Croitearachd.

Ach, chan urrainn don SPSO beachdachadh air gearanan nuair:

  • Nach eil sibh air a dhol fad na slighe tron mhodh ghearanan againn. 
  • Ghabh tachartasan àite no a thàinig gu d' aire, o chionn còrr agus bliadhna.
  • Tha an gearan air a bheachdachadh no ga bheachdachadh sa Chùirt. 

Faodaidh sibh an SPSO fhònadh dìreach air 0800 377 7330, fios eileagtronaigeach a chur thuca tro www.spso.org.uk/contact-us no cuiribh litir thuca aig SPSO, Saorphost, Dùn Èideann EH3 0BR.

Faodaidh sibh cuideachd bruidhinn riutha gu pearsanta aig SPSO, 4 Sràid Melville, Dùn Èideann EH3 7NS.

 

A' faotainn taic le dèanamh gearan

Tha sinn a' tuigsinn gur dòcha nach eil sibh comasach no deònach an gearan a chur air adhart sibh fhèin. Gabhaidh sinn ri gearanan bho riochdaire neach a tha mì-riaraichte leis an t-seirbheis againn. Gabhaidh sinn ri gearanan bho charaid, neach-dàimh, no neach-tagraidh, ma tha sibh air cead a thoirt dhaibh gearan às ur leth.

Gheibh sibh a-mach mun luchd-tagraidh san sgìre agaibh le labhairt ri Caidreachas Tagradaireachd Neo-eisimeileach na h-Alba le fònadh gu 0131 260 5380, no air facs gu 0131 260 5381 no gu h-eileagtronaigeach aig www.siaa.org.uk

Tha sinn dealasach a thaobh ar seirbheis a dhèanamh furasta a cleachdadh leis gach ball den phoball. Ann an co-rèir ri ar dleastanasan  reachdail co-ionnanachd, bidh sinn an-còmhnaidh a' dèanamh cinnteach gu bheil atharrachaidhean reusanta gan dèanamh gus cothrom a thoirt do ar luchd-dèiligidh air ar seirbheisean a chleachdadh. Ma tha duilgheadas agaibh a' cur ur gearan ann an sgrìobhadh, no ag iarraidh fiuosrachadh ann an cànan no cruth eile, leithid font mòr no Braille, feuch gun innis sibh dhuinn. Faodaidh sibh fònadh thugainn aig 01463 663439 no cuiribh post-d thugainn air info@crofting.scotland.gov.uk

 

 

 

What is Crofting?
Find out more about this unique crofting system
Common Grazings
Find out more about Common Grazings and Common Grazings Committees
Regulatory Applications
Find out about the latest regulatory applications and decisions
LinkedIn Icon Facebook Icon Twitter Icon
Great Glen House, Leachkin Road, Inverness IV3 8NW ~ T: 01463 663439 ~ F: 01463 725067 ~ E: info@crofting.scotland.gov.uk | Sitemap | Privacy