English
Croitearachd: A' brosnachadh còmhnaidh, cleachdadh is stiùireadh co-roinnte fearainn.

Cruthachadh Croit Ùr

Chuir Raibeart MacSheumais à Cullivoe, Yell ann an Sealtainn, tagradh a-steach gun Choimisean airson croit ùr a stèidheachadh. Bha a' chroit ùr gu bhith air a dèanamh suas à dà chuspair neo-chroit aig an robh còraichean ann an talamh ionaltraidh coitcheann Yell. B' e an t-adhbhar a bha Mgr MacSheumais airson croit ùr a chruthachadh, gus a dhèanamh comasach dha an gabhaltas a leigeil air màl do a mhac Lee, a bha 26 bliadhna a dh' aois agus aig a bheil fìor ùidh ann an croitearachd.

Chan eil an dà aonad ach air a bhith gan cleachdadh ann am pàirt thar nam bliadhnaichean, agus tha feum aig na feansaichean agus na drèanaichean air aire, tha dà sheann togalach air na h-aonadan cuideachd. Tha Lee am beachd na seann togalaichean ath-ùrachadh airson an cleachdadh aig àm breith nan uan, na feansaichean a chàradh agus na drèanaichean a ghlanadh a-mach. Tha cearcan is tunnagan aige mar-thà agus bidh e a' reic nan uighean sa choimhearsnachd agus leanaidh e air a' dèanamh sin, agus tha dùil aige caoraich a bhriodachadh agus crodh a thoirt a-steach, agus a ghlasraich 's a mheasan fhèin a chur agus fhàs.

Tha prìomh àite aig Lee mar-thà sa choimhearsnachd agus e na bhall de Eag-comataidh Bun-sgoil Cullivoe. Bha e na mheadhan air maoineachadh fhaotainn airson poili-tunail don Sgoil, far am bi buill a' chomataidh agus Lee a' sealltainn don chloinn mar a chuireas iad glasraich, a chleachdas iad airson brot a dhèanamh, cèicichean, silidh agus sutnaidh airson Madainnean Cofaidh. Tha Lee cuideachd air comataidh Talla a' Bhaile agus comataidh Up-Helly-Aa Cullivoe.

Tha aonta do na tagraidhean sin air ceadachadh do dhuine òg, a tha gu mòr an sàs ann an gnìomhachdan na coimhearsnachd, air croit fhaighinn dha fhèin agus bunait air am bi e tèarainte air an eilean san àm ri teachd, a' cur ris an eaconamaidh ionadail agus cumail suas àireamh-sluaigh ann am pàirt iomallach de Shealtainn.

Thuirt Lee MacSheumais, "Tha mi air leth toilichte croit fhaighinn dhomh fhìn mu dheireadh thall. Tha e air ùine a ghabhail ach b' fhiach e e. Gu làithreach, tha mi an sàs ann an tagradh airson tabhartasan a chleachdas mi airson cuid den fhearann fheansadh agus mullach a chur air na seann togalaichean."

Thuirt Raibeart MacSheumais, "Tha mi toilichte gun do chuir mi Lee mar neach-gabhail air a' chroit. Tha mi cinnteach gun dèan e gu math agus tha mi a' guidhe gach soirbheachadh dha. Tha luchd-obrach oifis SGRPID ann an Lèiruig air a bhith glè chuideachail leis a' phròiseas air fad."

 

What is Crofting?
Find out more about this unique crofting system
Common Grazings
Find out more about Common Grazings and Common Grazings Committees
Regulatory Applications
Find out about the latest regulatory applications and decisions
LinkedIn Icon Facebook Icon Twitter Icon
Great Glen House, Leachkin Road, Inverness IV3 8NW ~ T: 01463 663439 ~ F: 01463 725067 ~ E: info@crofting.scotland.gov.uk | Sitemap | Privacy