English
Croitearachd: A' brosnachadh còmhnaidh, cleachdadh is stiùireadh co-roinnte fearainn.

Coimisean na Croitearachd

Is e ar n-amas croitearachd a riaghladh, gabhaltas chroitean, cleachdadh gnìomhach air fearann adhartachadh agus stiùireadh co-roinnte le croitearan mar dhòigh air coimhearsnachdan dùthchail a chumail suas agus a neartachadh.

Lèirsinn:  Gum bi Coimisean na Croitearachd aithnichte mar riaghladair fiosraichte, fosgarra, èifeachdach agus  buadhach.

Tha sinn a' luach:

    Iadsan a tha sinn a' frithealadh agus càch a chèile.  
    Builean soilleir, dearbhach is tomhaiseil 
    Obair sgiobachd thaiceil 
    Atharrachadh dearbhach agus leasachadh    leantainneach     
    Ionnsachadh cunbhalach
    Neo-phàirteachd
    Spèis do dhiofar agus iomadachd
    Fosgarrachd is follaiseachd

Tha Coimisean na Croitearachd cuideachd a' comhairleachadh Riaghaltas na h-Alba mu chùisean croitearachd. Tha lethbhreac de Phlana Poileasaidh a' Choimisein mar a chaidh aontachadh le Ministearan, ri fhaotainn an seo.

PLANA POILEASAICH COIMISEAN NA CROITEARACHD
Achd Measaidh Àrainneachdail (Alba) 2005 (“an Achd”) Dearbhadh Sgrionaidh fo Earrann 8 (1)
Tha sinn (Coimisean na Croitearachd) air plana poileasaidh còig bliadhna ullachadh. Tha sinn air daingneachadh fo earrann 8(1) den Achd, a' leantainn air co-chomhairle le Ùghdarrasan Co-chomhairleachaidh, nach eil Plana Poileasaidh Coimisean na Croitearachd buailteach buadhan cudromach a thoirt air an àrainneachd. Bidh buadhan àrainneachdail sam bith co-cheangailte ri làraichean sònraichte agus gabhaidh smachd a chumail orra tro smachdan àiteachais sònraichte eile agus innealan àrainneachdail. Mar sin, cha bhi feum aig Plana Poileasaidh Coimisean na Croitearachd air measadh àrainneachdail ro-innleachdail (SEA). Tha lethbhreac de Aithisg Sgrionaidh Measadh Àrainneachdail Ro-innleachdail ri fhaotainn an seo.

Gheibhear mion-fhiosrachadh mu Phlana Coimisean na Croitearachd fon Achd agus Poileasaidh.

Leugh Plana Trèanaidh Coimisean na Croitearachd.

What is Crofting?
Find out more about this unique crofting system
Common Grazings
Find out more about Common Grazings and Common Grazings Committees
Regulatory Applications
Find out about the latest regulatory applications and decisions
LinkedIn Icon Facebook Icon Twitter Icon
Great Glen House, Leachkin Road, Inverness IV3 8NW ~ T: 01463 663439 ~ F: 01463 725067 ~ E: info@crofting.scotland.gov.uk | Sitemap | Privacy