English
Croitearachd: A' brosnachadh còmhnaidh, cleachdadh is stiùireadh co-roinnte fearainn.

CLÀR CROITEARACHD

Tha tagraidhean riaghlaidh sònraichte a-nis a’ piobrachadh an riatanais èigneachail air do chroit a chlàradh air a’ Chlàr Chroitean. Ann an cuid de chùisean, tha seo air toradh ann an dàil ann an giullachd thagraidhean. Ann am mòran shuidheachaidhean, tha an lagh ag ràdh nach fhaod sinn co-dhùnaidhean a ghabhail air tagraidhean riaghlaidh gus am bi a’ chroit clàraichte.  


Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil dàil ag adhbhrachadh milleadh-dùil le luchd-ceannach. Is e aon de na h-adhbharan airson dàil gu bheil trioblaidean a’ tighinn am bàrr leis na mapaichean a thathar a’ cur a-steach còmhla ris an tagradh Clàraidh. Chuireadh sinn ìmpidh oirbh comhairle a ghabhail bhon stiùireadh a chaidh a sgaoileadh le Clàran Alba mun mhion-fhiosrachadh a tha riatanach air na mapaichean http://www.ros.gov.uk/pdfs/crpg.pdf  Tha e cudromach cuideachd gum bi na seicean mar ìocadh air a’ chìs clàraidh, air an sgrìobhadh a-mach gu Coimisean na Croitearachd.  Gheibhear fiosrachadh mu na mearachdan cumanta a lorg sinn air mapaichean a chuireadh a-steach gun Choimisean còmhla ri tagraidhean clàradh croite an seo. Faodar eisimpleir de mhapa a’ taisbeanadh a’ mhion-fhiosrachaidh a bu chòir tagraichean a sholarachadh, fhaicinn an seo.


Tha làn liosta de thrigearan riaghlaidh rin lorg tron cheangal gu h-ìosal
www.ros.gov.uk/croftingregister/trigger_event_leaflet.pdf 

 

Tha foirmean tagraidh agus stiùireadh air clàradh croite, ionaltradh coitcheann agus fearann roinn-ruithe, uile rim faotainn air làrach-lìn Clàran na h-Alba. www.ros.gov.uk/croftingregister Faodaidh sibh cuideachd lethbhric de fhoirmean tagraidh is stiùireadh Clàr Croitearachd òrdachadh tro Sheirbheis Luchd-ceannach, fòn 0141 306 1510 no air post-d gu Croftenquiries@ros.gov.uk

 

Gheibhear bileag mu dheidhinn buannachdan thagraidhean coimhearsnachd an seo.

 

Nuair a bhios sibh air an fhoirm tagraidh a lìonadh, bu chòir dhuibh a cur gu Coimisean na Croitearachd airson a' chiad phàirt den phròiseas, còmhla ris a' chìs bhuntainneach. Gheibhear lethbhreac de Fhoirm Chìsean Clàraidh an seo.

 

 

 

What is Crofting?
Find out more about this unique crofting system
Common Grazings
Find out more about Common Grazings and Common Grazings Committees
Regulatory Applications
Find out about the latest regulatory applications and decisions
LinkedIn Icon Facebook Icon Twitter Icon
Great Glen House, Leachkin Road, Inverness IV3 8NW ~ T: 01463 663439 ~ F: 01463 725067 ~ E: info@crofting.scotland.gov.uk | Sitemap | Privacy