English
Croitearachd: A' brosnachadh còmhnaidh, cleachdadh is stiùireadh co-roinnte fearainn.

Leabharlann Sgrìobhainnean

 

Gliogaibh air na diofar sheòrsaichean airson an liosta sgrìobhainnean fhaicinn.

 

THOIRIBH AN AIRE, ann an tagradh sam bith co-cheangailte ri no le buaidh air ruigsinneachd air a’ chroit, feumaidh solar mu choinneamh cothrom iomchaidh do charbadan a bhith air a chomharrachadh gu soilleir air planaichean a chuirear a-steach an lùib an tagraidh. Feuch gun gabh sibh ùine a’ beachdachadh gu cùramach air cùisean co-cheangailte ri ruigsinneachd air a’ chroit mus cuir sibh am foirm a-steach thugainn. Dh’fhaodadh seo dàil a sheachnadh ann an dèiligeadh leis gach cùis fa leth. Gus cunntas a ghabhail air carbadan is uidheam an latha  an-diugh, bu chòir do ruigsinneachd air a' chroit a bhith 4 meatairean de leud aig  a’ char as lugha.

 

CLÀR CROITEARACHD - FIOS CUDROMACH

Bidh cuid de dh'iarrtasan riaghlaidh a-nis a' piobrachadh an riatanais dheatamaich do chroit a chlàradh air a' Chlàr Croitearachd. Ann an cuid de chùisean, tha seo air toradh ann an dàil ann an làimhseachadh iarrtasan. Ann an cuid de shuidheachaidhean, tha an lagh ag ràdh nach urrainn dhuinn co-dhùnadh air iarrtasan riaghlaidh gus am bi a' chroit clàraichte.

Tha sinn a' tuigsinn gum faod dàil ar luchd-ceannach a leamhachadh. Is e aon adhbhar airson dàil sa chùis, duilgheadasan leis na mapaichean a bhithear a' cur a-steach leis an iarrtas Clàraidh. Chanadh sinn ribh coimhead ris an stiùireadh a bhios Clàran na h-Alba a sgaoileadh a thaobh a' mhion-fhiosrachaidh a dh'fheumar anns na mapaichean. http://www.ros.gov.uk/pdfs/crpg.pdf

Tha e cudromach cuideachd gum bi na seicean airson na cìse clàraidh croite air a sgrìobhadh a-mach do Choimisean na Croitearachd.

 

Gheibhear làn liosta de na nithean piobrachaidh riaghlaidh tron cheangal gu h-ìosal:

www.ros.gov.uk/croftingregister/trigger_event_leaflet.pdf Airson tuilleadh fiosrachaidh faicibh an Clàr Chròitearachd.

 

Feuch gun coimhead sibh ri Plana Poileasaidh Coimisean na Croitearachd airson ar Poileasaidhean mu ghnìomhan riaghlaidh fa leth.

 

Stiùireadh air sanasachd thagraidhean.

 

 

Law, Policy and Rules of Procedure
Foirmean Roinnidh is Stiùireadh
Foirmean Sònrachaidh is Stiùireadh
Còir-sheilbh le Tiomnadh - Foirmean Tiomnadh Croite is Stiùireadh
Còir-sheilbh gun Tiomnadh - Foirmean Atharrachaidh Neach-tiomnaidh is Stìùireadh
Cruthachadh croit ùr - Foirmean is Stiùireadh
Dleastanasan is Cumhachan Reachdail Chroitearan
Tagradh Coilltearachd Chroitearan is Notaichean Mìneachaidh
Atharrachadh Sealbh air Croit no Pairt-Croit
Notification of Change of Contact Details
Ionaltradh Coitcheann - Foirmean is Stiùireadh
Roinneadh - Foirmean is Stiùireadh
Di-chroiteadh - Foirmean is Stiùireadh
Toirt air Ghabhail - Foirmean is Stiùireadh
Fo-Thoirt-air-Ghabhail - Foirmean is Stiùireadh
Gabhaltas Geàrr-ama - Croitear Seilbhe
Foirm Iomlaid Fearann Croite
Foillseachaidhean
Leaflets and Factsheets
Eisteachdan
Enlarge Croft Land Forms and Guidance
Aithisgean Co-chomhairle
Ath-sgrìobhaidhean de Cho-dhùnaidhean le Cùirt an Fhearainn air Ath-thagraidhean Di-chroitidh gun Choimisean bho 1980
Tagraidhean Riaghlaidh a fhuaireadh
Tagraidhean Riaghlaidh air an co-dhùnadh
Great Glen House, Leachkin Road, Inverness IV3 8NW ~ T: 01463 663439 ~ F: 01463 725067 ~ E: info@crofting.scotland.gov.uk | Sitemap | Privacy