English
Croitearachd: A' brosnachadh còmhnaidh, cleachdadh is stiùireadh co-roinnte fearainn.

Nithean ath-nuadhachail

San Dàmhair an-uiridh, chuir Murchadh Friseal, Allt a' Chruinn, Caol Loch Aillse, tagradh a-steach gun Choimisean airson pàirt beag de thalamh ionaltraidh Inbhir Sheile a roinneadh. B' e an t-adhbhar airson an tagraidh, taigh do Mhion Chrann-gaoithe Dealan-uisge a thogail gus cumhachd a sholarachadh gu dachaigh Mhurchaidh bhon allt aig iomall a' ghàrraidh aige.

On a bhios an Crann-gaoithe suidhichte faisg air an staran eadar talamh ionaltraidh na Mormhoich agus Inbhir Sheile, fhuair Murchadh litrichean cead bhon dà chomataidh ionaltraidh. Bha làn aonta aige cuideachd bhon Mheasadair agus na h-Uachdarain.

Tha an tagradh seo a' taisbeanadh mar a tha faotainn air aonta ionadail mus cuirear a-steach tagradh gun Choimisean, a' cuideachadh leis a' phròiseas tagraidh agus a' cumail suas dàimh mhath ris a' choimhearsnachd, far am bi daoine cunntachail airson an gnìomhan fhèin agus mar a dh'fhaodas buaidh a bhith aca air feadhainn eile.

Tha Murchadh a-nis aig an ìre gu bheil e a' cur crìoch air aonta laghail bhon uachdaran airson feum a thoirt às an t-seann chairidh, agus ag eagrachadh chinn-latha leis na cunnradairean airson tòiseachadh air a' phròiseact uaireigin san Lùnastal.    

What is Crofting?
Find out more about this unique crofting system
Common Grazings
Find out more about Common Grazings and Common Grazings Committees
Regulatory Applications
Find out about the latest regulatory applications and decisions
LinkedIn Icon Facebook Icon Twitter Icon
Great Glen House, Leachkin Road, Inverness IV3 8NW ~ T: 01463 663439 ~ F: 01463 725067 ~ E: info@crofting.scotland.gov.uk | Sitemap | Privacy